Cruinneachadh na nGaidheal
 
Ghaidhlig, Gaeilge srl.
(Music and Dancing of the Gaels)
Previous Song

Ho Ro Mo Nighean Donn Bhoidheach

Seist:
Ho ro, mo nighean donn, bhòidheach,
Hi ri, mo nighean donn, bhòidheach,
Mo chaileag laghach, bhòidheach,
Cha phòsainn ach thu.

A nighean donn nam blàth-shùil,
Gur trom a thug mi gradh dhut;
Tha t'iomhaigh, ghaoil is t'àilleachd
A ghnàth 'tighinn fo m'ùidh.

Seist

Cha chéil mi air an t-saoghal
Gum bheil mo mhiann 's mo ghaol ort;
'S ged chaidh mi bhuat air faondradh
Cha chaochail mo rùn.

Seist

Ach 'nuair a thig an sàmhradh
Bheir mise sgrìob do'n ghleann ud,
'S gun toir mi leam do'n Ghalldachd
Gu h-annsail am flùr.

Seist

Previous Song